Hé Mo Leannan, Hó Mo Leannan
To go back to the index page, click here.Gaelic
(Séist)
E mo leannan, o mo leannan,
'S e mo leannan am fear ùr,
E mo leannan, o mo leannan.
Dh'éirich mise moch 's a' mhaduinn,
Bràigh na h-aibhne gabh mi null.
Có thachair rium ach mo leannan,
Culaidh air do'n fhasan ùr?
'S e mo leannan am fear lurach,
A dheidh'adh an àird a bhàrr an t-siùil.
'S e mo leannan saor na locair,
Dhèanamh fortan le sàbh dhùirn.
'S e mo leannan mac a' ghobha,
Dhèanamh foghail leis na h-ùird.
Tha mo leannan aig a' chladach,
'S e ri sailleadh sgadan ùr.
Bithidh a leannan aig gach leannan,
Bithidh thusa agamsa co dhiubh.
Galar ni 's mios' na 'n déideadh,
Air an té thug bhuam mo rùn.
'S tric a chaidh mi leat dha 'n bhàthaich
Sneachda na b' àirde na glùin
'S tric a chaidh mi leat dha 'n tobar
Cha tugadh sinn dhachaidh drùdh.
'S tric a chaidh mi leat dha 'n t-sabhal
Fodar fodhainn 's bhos ar cionn
Bucuill anns a' bhrògan àrda,
Tuitidh na sàiltean sin dhiubh.
English
(Chorus)
Hey my love, ho my love,
My love is the new man,
Hey my love, ho my love
I arose early in the morning,
I crossed to the far bank of the river
Who did I meet with but my love,
Wearing an outfit in the latest fashion?